Lorg àite
Rabhaidhean Aimsir san RA
Bho Oifis na Sìde
Chan eil rabhaidhean aimsir ann airson an RA an-dràsta.
Mu Rabhaidhean Aimsir Oifis na Sìde
Bidh Oifis na Sìde a' toirt rabhaidhean aimsir seachad nuair a dh'fhaodadh fìor dhroch aimsir buaidh a thoirt air an RA.
Bidh Oifis na Sìde a' cur a-mach rabhaidhean airson uisge, stoirmean tàirneanach, gaoth, sneachda, dealanaich, deigh, teas anabarrach is ceò. Tha dath air a thoirt dha na rabhaidhean seo a rèir a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an aimsir agus dè cho coltach sa tha e gun tachair a leithid.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic Iùl Rabhaidhean Oifis na Sìde.
Clàr-amais na Rabhaidhean Sìde
Tha dùil ri fìor dhroch aimsir. Tha dearg a' ciallachadh gum bu chòir dhut tòiseachadh ag ullachadh an-dràsta gus thu fhèin agus daoine eile a dhìon bho bhuaidh na h-aimsir. Tha dùil gum bi milleadh ann, gum bi troimh-a-chèile ann a thaobh siubhal agus ceanglaichean cumhachd agus gum bi cunnart ann do bheatha. Feumar àiteachan cunnartach a sheachnadh agus comhairle nan seirbheisean èiginneach agus na h-ughdarrasan ionadail a leantainn.
Tha e glè choltach gun toir an droch aimsir buaidh ort, buaidh a dh'fhaodadh troimh-a-chèile adhbharachadh le dàil air siubhal, rathaidean is rèile a dhùnadh, briseadh ann an ceanglaichean cumhachd agus cunnart do bheatha agus do thogalaichean. Tha buidhe shoilleir a' ciallachadh gu feum thu a bhith deiseil airson do phlanaichean atharrachadh gus thu fhèin, do theaghlach agus do choimhearsnachd a dhìon bho bhuaidh na droch aimsir a rèir tuairmsean Oifis na Sìde.
Dh'fhaodadh fìor dhroch aimsir a bhith ann sna làithean ri thighinn a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air daoine. Tha buidhe a' ciallachadh gum bu chòir planadh air thoiseach, a' smaoineachadh mu dhàil air siubhal, no an troimhe-a-chèile a dh'fhaodadh bualadh air do bheatha làitheil. Tha Oifis na Sìde a' cumail sùil air mar a tha suidheachadh na h-aimsir ag atharrachadh agus tha Buidhe a' ciallachadh gum bu chòir sùil a chumail air na tuairmsean sìde agus a bhith mothachail gum faodadh an suidheachadh atharrachadh no fàs nas miosa.